Bha dùthaich ann uair mar Nirribhidh
Beanntan 's coilltean 's madaidhean-allaidh
Ach thuit iad fo smachd nan coigreach
'S thàinig na caoraich 's obair nan con-chaorach
Rinneadh sgrios air feadh na dùthcha
Gheàrr iad na craobhan 's bha truilleadh anns an uisge
Aite-cluich do dhaoine beartach
Basgaid-sgudail 'son sgudal niuclasach
Fàsach uaine far a bheil na craobhan gann
Ach tha deagh fhios agaibh gu bheil dòigh eile ann

Craobhan a' fàs eadar na beanntan
Madaidhean-allaidh a' ruith anns na gleanntan

Cuirtear craobhan - o ho ro allaidh!
Thoireamaid air ais am madadh-allaidh
Bidh coimhearsnachdan seasmhach am measg nan coilltean
'S Gàidhlig aig an fheadhainn anns na sgoiltean

Craobhan a' fàs eadar na beanntan
Madaidhean-allaidh a' ruith anns na gleanntan

Bha bruadar agam 's mi nam chadal a-raoir.
Chunnaic mi Gaidhealtachd na h-Alba san àm ri teachd.
Bha coimhearsnachdan beaga seasmhach sgapte air feadh na dùthcha.
Bha na daoine saor 's cumhachd nan làmhan fhèin.
Bha iad a' bruidhinn na Gàidhlig 's iad ag obair anns na coilltean.
Chunnaic mi craobhan a' fàs eadar na beanntan
agus chunnaic mi madaidhean-allaidh anns na gleantann.

Madaidhean-allaidh anns na gleanntan!