A' teicheadh bho chogadh 's taighean nan smàl
Mharbh iad do theaghlach ged nach d'rinn iad càil

A' tighinn gu Alba airson beatha ùr
A' tighinn gu Alba airson a bhith saor

Ceud Mìle Fàilte!

A' ruith bhon dùthaich far an robh thu ann ann am prìosan
Airson beachdan poiliteagach no fiù 's gun reusan

A' tighinn gu Alba airson beatha ùr
A' tighinn gu Alba airson a bhith saor

Ceud Mìle Fàilte!

Bataichean 's clogaidean aig ceithir anns a' mhadainn
Eagal air a' chlann agad gun tèid an spadadh
Nis tha sibh uile ann an slabhraidhean a' suidhe anns a' bhan
Prìosanaich a-rithist air ais ann an campa

Fàilte gu Dungavel
Fàilte gu gràin-cinnidh
Fàilte dhan phrìosan
Ceud Mìle Fàilte!