Na bi brònach, na bi gun dòchas
Oir tha sinn an seo 's tha sinn gad rocadh
A' rocadh gu cruaidh a h-uile latha
Ceòl punc Gàidhlig - chan eil dad nas fheàrr!

Seo ar ceòl - seo ar cànan
Tha i beò - chan eil i marbh
Tha sinn ga bruidhinn - chan eil sinn balbh
'S cha tèid sinn air falbh

A' rocadh bho Dhùn Eideann gu Beinn nam Faoghla
Seachd searbh sgìth de luchd nam beurla
Seo an còmhlan-ciùil a chuir sinn air dòigh
A' rocadh airson ceartais - Oi! Oi! Oi!

Seo ar ceòl - seo ar cànan
Tha i beò - chan eil i marbh
Tha sinn ga bruidhinn - chan eil sinn balbh
'S cha tèid sinn air falbh