Mur b'e thusa bhiiodh an Cuilithionn
'na mhur eagarra gorm
ag crioslachadh le bhalla-criche
na tha 'nam chridhe borb

Mur b'e thusa bhiodh a' ghaineamh
tha'n Talasgar dumhail geal
'na clar biothbuan do mo dhuilean
air nach tilleadh an run-ghath

'S mur b'e thusa bhiodh na cuantan
'nan luasgan is 'nan tamh
a' togail cair mo bhuadhan
'ga cur air suaimhneas ard

'S bhiodh am monadh donn riabhach
agus mo chiall co-shint'
ach chuir thusa orra riaghladh
os cionn mo phianaidh fhin

Agus air creachainn chein fhasmhoir
chinn blathmhor Craobh nan Teud
'na meangach duillich t'aodann
mo chiall is aogas reil